Video de: Eilean Uibhist Mo Ruin Lyrics Dochas » Lyrics Fox.MusicaDe.Win

Bienvenidos a Fox.MusicaDe.Win Disfruta del Video de: Eilean Uibhist Mo Ruin 2025 Dochas » Lyrics y comparte musicas con los amigos, Musica Gratis 2025! Fox.MusicaDe.Win!.

Video de: Eilean Uibhist Mo Ruin Lyrics Dochas » Lyrics

Dochas - Eilean Uibhist Mo Ruin Lyrics


Eilean uibhist mo rùin
Eilean cùbhraidh nam beann
Eilean uibhist mo rùn
B'e mo dhùrachd bhith ann
An eilean uibhist mo rùn

B'e mo shòlas bhith air m' eòlas
San eilean bhòidheach ud thall
Far am faic mi mo chàirdean
'S gheibhinn fàilte nach gann
An eilean uibhist mo rùn

Far am faic mi fìr òga
Ghearradh mòine nan deann
'S a ghearradh snasail an t-eòrna
'S a chuireadh dòrlach sa bhann
An eilean uibhist mo rùn

Far am faic mi fìr liatha
Glic-bhriathrach nan cainnt
Mean-bheachdach sean-eòlach
A' toirt seòladh don chloinn
An eilean uibhist mo rùn

Far am faic mi mnathan uasal
Aoigheil, uallachal, trang
Tha ro-ainmeil nan stòltachd
'S an gnìomh dòigheil nan làimh
An eilean uibhist mo rùn

Tha coibhneas is bàigh
'Gabhail àit' ann an com
Gach neach a chaidh àrach
Fo sgàile nam beann
An eilean uibhist mo rùn

Bi aoigheachd is fàilte
Gu bràth feadh nan gleann
Fad 's a bhuaileas air tràigh
Boinne sàile nan tonn
An eilean uibhist mo rùn

'S e slàn leis na dh'fhàg mi
Bheir mo dhàn-sa gu ceann
'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean
'S le m' phàrantan thall
An eilean uibhist mo rùn

Eilean cùbhraidh nam beann
Eilean uibhist mo rùn
B'e mo dhùrachd bhith ann
An eilean uibhist mo rùn

Eilean Uibhist Mo Ruin » Dochas Letras !!!
Esta web no aloja ningun archivo mp3©Fox.MusicaDe.Win 2025 Colombia - Chile - Argentina - Mexico. All Rights Reserved.

Musica Online, Escuchar musica online , Musica En Linea, Musica en linea gratis, Escuchar Musica Gratis, Musica Online 2025, Escuchar Musica

Musica 2025, Musica 2025 Online, Escuchar Musica Gratis 2025, Musica 2025 Gratis, Escuchas, Musica de Moda.